Catch Fichead ’s a Dhà

Tha mi a’ tuigsinn gun deach mo chàineadh le cuid airson am pìos seo a sgrìobhadh ann am Beurla, seach Gàidhlig. So, seo mise a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig air carson a tha e ceart, uaireannan, a bhith a’ sgrìobhadh ann am Beurla mu dheidhinn Gàidhlig – gu h-àraid ma tha thu airson gun leugh muinntir na Gàidhlig fhèin na sgriòbhas tu. Saoghal neònach…

Far a bheil mi fhèin a’ fuireach tha tòrr dhaoine ann le deagh Ghàidhlig aca (fada nas fheàrr na bhios agamsa riamh) nach sgrìobh no leugh i gu comhfhurtail – ma sgrìobhas no leughas iad idir i. Chan e naidheachd ùr a tha seo. Tro na linntean tha fhios nach robh comas sgrìobhaidh ann an Gàidhlig riamh aig mòr-chuid a luchd-labhairt – agus tha an cànan beò fhathast, air èiginn. Thaobh leasachadh na Gàidhlig, ge-tà, shaoilinn fhèin gu bheil na daoine seo gu math cudromach – bruidhnidh iad an cànan gun trioblaid, gun smaoineachadh mu dheidhinn idir. ’S ann acasan a tha am blas, agus an ceangal air ais thairis air na linntean.

Mar as trice, nuair a chleachdas cuidegin am facal “illiteracy”, smaoinichidh tu gur e droch rud a th’ ann. Duine illiterate – ’s e duine gòrach a th’ ann, no duine nach d’ fhuair foghlam. Well, chan eil muinntir nan eilean gòrach idir, agus a’ coimhead air na national educational statistics chìthear gun do rinn iad riamh agus gun dèan iad fhathast glè mhath ann am foghlam. Gu dearbh, chan eil iad illiterate idir. Ach ’s e Beurla a leughas iad. Nist, an trioblaid a th’ ann, chan e gu bheil a’ Bheurla aca làidir, ach gu bheil a’ Ghàidhlig lag – aig ìre litreachaidh co-dhiù.

Ann an suidheachadh far a bheilear a’ smaoineachadh san fharsaingeachd gur e cùis-nàire a th’ ann a bhith illiterate, chan eil e follaiseach dhomhsa gur e an dòigh as fheàrr airson conaltradh a stiùireadh le daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig, ged nach leugh iad i, a bhith an-còmhnaidh a’ cur nan cuimhne nach eil an comas sin aca. Tha cunnart ann gun cuir thu dheth iad. Le gu leòr dhe na buidhnean leasachaidh airson Gàidhlig stèidhichte fad air falbh ann an Inbhir Nis tha e doirbh gu leòr mar-thà deagh chonaltradh a chumail a’ dol leis na coimhearsnachdan sa bheil Gàidhlig fhathast ga bruidhinn gu làitheil. Saoil an e cnap-starra a bharrachd a bhios ann a bhith ag iarraidh orra leughadh no sgrìobhadh sa chànan a bhruidhneas iad gu nàdarra ach nach leugh iad idir?

Nach eil obair ri dhèanamh an toiseach ann am misneachd agus moit a thogail sna comasan a th’ aig daoine mar-thà? Ma tha dà chànan agad seach dìreach aonan a-mhàin, mar a th’ aig a’ mhòr-chuid san dùthaich seo, ’s e rud sònraichte a tha seo. Agus ma tha thu a’ cumail fear dhiubh sin dìreach nad cheann fhèin gun taic sam bith bho litreachadh no leabhar, no peann is pàipear, no sìon mar sin, nach eil sin dìreach sgoinneil san latha an-diugh? An e dha-rìreabh cùis-nàire a th’ ann, no ’s dòcha mìorbhail?

Ma tha sinn gu dearbh airson daoine a bhrosnachadh gus an cuid Gàidhlig a chumail a’ dol, nach ann aig an ìre bhunaiteach sin a bu chòir dhuinn a bhith a’ tòiseachadh, seach a bhith a’ feuchainn ri toirt orra sgilean a bharrachd ionnsachadh sa bhad mus tèid aca air pàirt sam bith a ghabhail ann an leasachadh/sàbhaileadh a’ chànain, no eadhon deasbad mu dheidhinn?

About Gordon Wells

Language learner and teacher (English, Gaelic, Hindi and Urdu). Interested in bilingualism and creativity. At home in the Hebrides.

Posted on 24/01/2010, in Uncategorized and tagged . Bookmark the permalink. 8 Comments.

  1. ‘S e deagh phuingean a th’agad a charaid. Agus air an làimh eile luchd-ionnsachaidh a tha deiseil agus deònach an cuid sgrìobhaidh a chleachdadh ann an dòigh sam bith, dìreach gus a bhith a’ gabhail pàirt ann an saoghal na Gàidhlig. ‘S dòcha nach eil a’ mhor chuid againn a’ tuigsinn idir idir cor na coimhearsneachdan tradiseanta nuair a thoischeas sinn began Gàidhlig ag ionnsachadh.
    A-nis air ais gu Gaelic Guerilla s’ dòcha agus sreath eile, Berula lol ach pìos a tha sealltainn taobh eile – an e uaireannan ‘minefield’ a th’anns a Gàidhlig?
    ‘Ciamar a chanas mi ‘Preserve in Aspic’ ann an Gàidhlig ? What’s the Gaelic for ‘Preserve in Aspic’??’
    http://gaelicguerilla.com/?p=154

  2. Seonaidh Caimbeul

    Aidh, tha barrachd ann an littearachd na leughadh is sgriobhadh. Agus tha barrachd seorsaichean de littearachd ann. Beul-aithris na dheagh eisimplir.

    De na duilgheadasan as motha a fhuair thu fhein ann a bhith a’ toirt comasan leughaidh do inbhich le Gaidhlig nach d’fhuair cothrom san sgoil?

    An robh iad a’ faireachdainn gun robh an litreachadh cearr? No gun robh an gramar ro eadar-dhealaichte bhon chainnt labharta?

    • gordonwellsuist

      Beul-aithris – gu dearbh fhèin. Abair beartas!

      Thaobh duilgheadasan dh’fheumainn a ràdh an toiseach nach eil mi air a bhith an sàs mar thidsear ann am feuchainn ri sgilean nam fileantach a leasachadh. Sna rudan a tha cudromach dhomhsa tha iadsan fada nas fheàrr na mis’! Ach thairis air na bliadhnaichean tha mi air feuchainn ri cuideachadh le clas no dhà a chur air dòigh a thaobh sgrìobhaidh le tidsearan no buidhnean eile. An duilgheadas as mòtha? Daoine fhaighinn tron doras. Tha feum againn air paradigm ùr. Rud a chuireas car ùr air a’ ghnothach.

  3. Peadar O Donnghaile

    Is e “Glac 22” an t-ainm ceart air a’cheist seo…agus chan eil mi a’ caineadh do chuid Gaidhlig. ACH tha eu-chomas sgriobhaidh is leughaidh nad chanan mhathaireil na cnap starra eagalach ri leasachadh eaconomachd taobh a-steachd coimhearsnachd agus cultur nan Gaidheal “tusanaich”.

    Tha aithisg air nochdadh anns an comhla-deug a chaidh, a tha ag innse gu bheil suas ri 20% de muintir na h-Alba gun comas leughadh is sgriobhadh anns a’ chanan mathaireil. Faodaidh gu bheil an aireamh sin a’ dol seachad 40% a measg na Gaidheal, Gu mi-fhortunach cha bhi suim aig “One scotland” neo gu de co a gheibheas an dreuchd a thoirt fuasgladh air an 20+ % nan Gaidheal.

    O chionns gu bheil seo na dhuiligheadas ann a Uibhist: A bheil neach sam bith anns a’ choimhearsnachd a’feuchainn (i.e. an drasda) a chuir air coise cursa coltach ris an cursa “Cuir Peann ri Paipear”, cursa na h-oidhche a chaidh na ruith air an Eilean Sgitheanach o chionn bliadhna neo dha? Neo “Mutual Improvement clas” den nos a chleachd luchd-obraich/soisealaich anns na bailtean mor a chruthaich fein-fhoghluim bho na 1850n gu na 1920n (nuair a thoisich ughdarrasan ionadail nam bailtean mora a shas an clasaichean na h-oidhche)?

    Bha mi direach a’uandaireadh…..

    P.

    • gordonwellsuist

      Tha an còmhnaidh “ACH” ann, nach eil? (Chan e Glac 22 no Catch 22 a bhiodh ann as aonais…) Chan eil mi ag ràdh nach biodh e math nam biodh barrachd ann na tha a leughas an cànan, dìreach gur e rud math a th’ ann gu bheil na h-uidhir ann a bhruidhneas i. AGUS ma tha deagh fhaireachdainn aca mu na sgilean a tha aca mar-thà tha teans ann gum faighear barrachd bhuapa sìos an rathad thaobh an dà chuid cleachdadh a’ chànain dhaibh fhèin, agus daoine eile a bhrosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh gu ìre shoirbheachail.

      Thaobh do chèist tha iomairtean air a bhith ann, agus san fharsaingeachd thathas ag ràdh – ged nach eil na figearan agam – gu bheil obair shaor-thoileach aig ìre gu math àrd sna h-eileanan an taca ri àiteachan eile ann an Alba. (Chan eil an aon ìre de ghoireasan phoblach againn an seo, agus mar sin feumaidh sinn rudan a dhèanamh dhuinn fhìn.) Tha buidheann trèanaidh sa choimhearsnachd an seo a chuir pròiseact ri chèile dìreach an uiridh airson fileantaich is luchd-ionnsachaidh a thoirt còmhla gus obair ùr a dhèanamh air an dà chuid cànan agus litreachas. Chaidh iarrtas gu buidheann Ghàidhlig airson taic, ach cha do shoirbhich leis (ged a bha e a’ coimhead math nam shùilean-sa). Co-dhiù, sin mar a tha. Tha sinn beò ann an dòchas gun tèid e nas fheàrr leotha an ath-thuras!

  1. Pingback: Audio Blogging: Is this the game-changer? « Gordon Wells's Weblog

  2. Pingback: Trilingual Tricks « Gordon Wells's Weblog

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: