Tàlant

Abair spors a bh’ againn a-nochd le Carrageen agus “Gille an Fheadain Duibh” – sgeulachd le Pàdruig Moireasdan a tha ri fhaighinn san leabhar “Thugam agus Bhuam”. Chaidh a cur ann an cruth ùr dà-chànanach airson an àrd-ùrlair le Màiri Mhoireasdan agus Eairdsidh Caimbeul. Agus is iad a rinn dsioba math dheth!

Ach bha gu leòr eile an sàs sa phìos obrach seo – na sgoilearan ann an Loch nam Madadh agus Càirinis, a’ choisir aig Fèis Tir an Eòrna, Chris Spears – an neach-ealain a rinn obair ionmhalta a’ toirt beatha uamhasach dhan fhuamhaire agus dhan dràgon, Loriana Pauli – “Ban-rìgh na h-Eilbheis” – a thug puirt ùra dhuinn, gun ghuth air an obair bhidio is audio a chaidh a chur ris….  Tha liosta fhada ann.

Cha robh mi fhèin ach nam “second farmer” – ach tha fhios gur e promotion a tha sineach bho “third spear-carrier”, an triob mu dheireadh a bha mi air an àrd-ùrlar leis na Sinodun Players ann an Camelot air ais ann an 1973 – mas math mo chuimhne…

Abair na th’ ann de thàlant ann an coimhearsnachd bheag dhùthchail. Tha rudeigin sònraichte againn an seo. Agus  ’s e a’ Ghàidhlig as coireach, tha mi cinnteach. No, ga chur ann an dòigh eile, leis gu bheil dà chànan againn sa choimhearsnachd seo, tha beairteas culturach a bharrachd againn. Agus tha sin a’ tarraing dhaoine ealanta eile ann, a tha ag iarraidh a bhith a’ fuireach ann an àrainneachd a tha taiceil dha na tàlantan aca fhèin.

Cò na h-àiteachan eile ann am Breatainn far am faiceadh tu an leithid?

About Gordon Wells

Language learner and teacher (English, Gaelic, Hindi and Urdu). Interested in bilingualism and creativity. At home in the Hebrides.

Posted on 04/03/2012, in Uncategorized and tagged , , , , , , . Bookmark the permalink. Leave a comment.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: